Am Pod-Chraoladh | Eapasod 1 - Anna NicGriogair cover art

Am Pod-Chraoladh | Eapasod 1 - Anna NicGriogair

Am Pod-Chraoladh | Eapasod 1 - Anna NicGriogair

Listen for free

View show details

Tha ceithir pod-chraolaidhean ùr a’ tighinn a-mach thar na seachdainean a tha romhainn, far am bi Deirdre Ghreumach a' còmhradh le cuid de ar com-pàirtichean agus ar Oifigear Leasachaidh. 🎧🎙️

'S ann à Glaschu a tha Anna, ach tha a cridhe gu dlùth ceangailte ri Uibhist a' Tuath far an deach a seanmhair a thogail. 🏡 Tha ùidh mhòr aice ann an dualchaintean eadar-dhealaichte agus na h-abairtean ionadail a chleachd a seanmhair. Chur i roimhpe rannsachadh a dhèanamh air an dualchas a tha ri fhaighinn ann an sgìre Taigh a' Ghàrraidh agus gu h-àraidh air fear às an sgìre, Aonghas Lachlainn - bàrd aithnichte agus co-ogha do a seanmhair. 🎼

Tron sreath seo, bidh Deirdre a' còmhradh ri com-pàirtichean Fuaran mu na h-òrain, an ceòl, an seanchas, agus an eachdraidh ionadail a lorg iad tron rannsachadh aca. Cluinnibh mar a tha Fuaran a' cuideachadh dhaoine òga gus ceangal ùr a dhèanamh ris an dualchas aca agus mar a tha iad fhèin ga chumail beò airson an ath ghinealach. 💛

Cùm sùil a-mach! 👀 Tha an ath fhear a' tighinn a dh'aithghearr. ⏳

Le taic bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchur Nàiseanta, agus le taing dhaibhsan a tha a’ cluiche a’ Chrannchuir Nàiseanta. Thanks to The National Lottery Heritage Fund, and to National Lottery players.

  • Ceòl
  • Robbie Paterson’s/The Marquis of Huntly/Jenna Reid of Quarff
  • bhon chlàr Dòchas - SKYECD23 - www.gaelicmusic.com
  • © Macmeanmna
adbl_web_anon_alc_button_suppression_t1
No reviews yet