Am Pod-Chraoladh | Eapasod 3 - Flòraidh Stevenson cover art

Am Pod-Chraoladh | Eapasod 3 - Flòraidh Stevenson

Am Pod-Chraoladh | Eapasod 3 - Flòraidh Stevenson

Listen for free

View show details

Seo an treas eapasod de na ceithir pod-chraolaidhean ùr a tha a’ tighinn a-mach thar na seachdainean a tha romhainn, far am bi Deirdre Ghreumach a' còmhradh le cuid de ar com-pàirtichean agus ar Oifigear Leasachaidh. 🎧🎙️

Tron sreath seo, bidh Deirdre a' còmhradh ri com-pàirtichean Fuaran mu na h-òrain, an ceòl, an seanchas, agus an eachdraidh ionadail a lorg iad tron rannsachadh aca. Cluinnear mar a tha Fuaran a' cuideachadh dhaoine òga gus ceangal ùr a dhèanamh ris an dualchas aca agus mar a tha iad fhèin ga chumail beò airson an ath ghinealach. 💛

An-diugh, tha Deirdre a' bruidhinn ri Flòraidh Stevenson. Tha Flòraidh aig Oilthigh Ghlaschu far a bheil i a' sgrùdadh litreachas na h-Alba, agus Gàidhlig. Tha i cuideachd na ball de Chomann Oiseanach Oilthigh Ghlaschu agus bi i tric an sàs ann an seiseanan seinn, a' gabhail òrain aig cèilidhean is tachartasan cultarach.

Rugadh is thogadh i ann an Geàrr-Lòchaidh, sgìre làn dualchais ann an Loch Abar. Rinn Flòraidh bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig far an do cheumnaich i le àrd-urram ann an Gàidhlig is Conaltradh. Aig an t-Samhal, fhuair i leasanan seinn bho Christine Primrose agus thog ise misneachd is comas Fhlòraidh mar sheinneadar Gàidhlig. Ged a dh'ionnsaich i measgachadh de dh'òrain à diofar sgìrean, tha e gu sònraichte measail air na h-òrain à Loch Abar.

Cùm sùil a-mach! 👀 Tha an ath phod-chraolaidh a' tighinn a dh'aithghearr!⏳

Le taic bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchur Nàiseanta, agus le taing dhaibhsan a tha a’ cluiche a’ Chrannchuir Nàiseanta. Thanks to The National Lottery Heritage Fund, and to National Lottery players.

adbl_web_anon_alc_button_suppression_t1
No reviews yet