Am Pod-Chraoladh | Eapasod 4 - Abi NicIlleRuaidh
Failed to add items
Add to basket failed.
Add to wishlist failed.
Remove from wishlist failed.
Adding to library failed
Follow podcast failed
Unfollow podcast failed
-
Narrated by:
-
By:
Seo an eapasod mu dheireadh de na ceithir pod-chraolaidhean ùr a tha air tighinn a-mach thar na seachdainean a chaidh, far am bheil Deirdre Ghreumach air a bhith a' còmhradh le cuid de ar com-pàirtichean agus ar Oifigear Leasachaidh. 🎧🎙️
Tron sreath seo, tha Deirdre air còmhradh ri com-pàirtichean Fuaran mu na h-òrain, an ceòl, an seanchas, agus an eachdraidh ionadail a lorg iad tron rannsachadh aca. Chualas mar a tha Fuaran a' cuideachadh dhaoine òga gus ceangal ùr a dhèanamh ris an dualchas aca agus mar a tha iad fhèin ga chumail beò airson an ath ghinealach. 💛
An-diugh, bi Deirdre Ghreumach a' bruidhinn ri Abi NicIlleRuaidh, Oifigear Leasachaidh airson Fèisean nan Gàidheal. Thòisich Abi ag obair aig Fèisean nan Gàidheal ann an 2019 agus thòisich i ag obair air Fuaran ann an 2023. Bi iad a' còmhradh air mar a thàinig Fuaran gu bith, mar a tha e air leasachadh thairis air na bliadhnaichean, agus dealbh a thogail air na cothroman a tha an lùib a phròiseact sònraichte seo, le beagan fiosrachadh air mar as urrainn dhut fhèin pàirt a ghabhail ann.
Tron t-sreath seo, tha sinn air cluinntinn bho chuid de na com-pairtichean agus mar a shoirbhich leotha leis an rannsachadh aca. Anns an eapasod seo, tha sinn an dòchas gun toir e beagan spionnadh do chuideigin eile pàirt a ghabhail ann am pròiseact Fuaran an ath bhliadhna! ☺️
Le taic bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchur Nàiseanta, agus le taing dhaibhsan a tha a’ cluiche a’ Chrannchuir Nàiseanta. Thanks to The National Lottery Heritage Fund, and to National Lottery players.